Slighe na Camanachd

Rannsaich ‘sgeulachd na camanachd’ ann am Bàideanach agus na ceanglaichean làidir a th’ aige le cultar agus dualchas an sgìre.

A classic shinty clash as part of the local Kingussie vs Newtonmore derby.

Ro-ràdh

Tha ceanglaichean làidir aig sgìre Bàideanach ann am Pàirc Nàiseanta a’ Mhonaidh Ruaidh le iomain, far a bheil an spòrs na phàirt glè chudromach de chultar is dualchais an àite. Tha tuairisgeulan tràth den gheama a’ sealltainn gun deach a chluich san sgìre airson ceudan de bhliadhnaichean, agus is dòcha nas fhaide air ais na sin fhèin, far an robh iomain na gheama dùthchail air a chluich mar chur-seachad airson féisteas is spòrs. 

Illustration of early shinty alongside depictions of a Badenoch caman and an ash caman – The Book of the Society of the True Gael (1881).
Illustration of early shinty alongside depictions of a Badenoch caman and an ash caman – The Book of the Society of the True Gael (1881).

Dealbh de iomain tràth agus caman Bàideanach – Dealbh: The Book of the Society of the True Gael (1881)

Tha ioman agus Gàidhlig eadar-thoinnte gu mòr ann an eachdraidh an spòrs. Ann an coimhearsnachdan na sgìre, bhiodh òrain is rannan Gàidhlig gu tric air an sgrìobhadh mun gheama, far an robh ceòl is dannsa cuideachd nam pàirt chudromach de thachartasan latha geama. Bha an èigheachd bho luchd-taic anns a’ Ghàidhlig agus cuideachd na h-òraidean a bhiodh uaislean ionadail agus uachdarain an àite a’ toirt seachad. Tha mòran den bhriathrachas co-cheangailte ris a’ gheama sa chànan cuideachd.

Anns an latha an-diugh, tha iomain na spòrs luath, farpaiseach, far a bheil an geama fhathast aig cridhe choimhearsnachdan air feadh Bhàideanach, a’ dèanamh suas pàirt cudromach de bheatha agus saoghal dhaoine a tha an sàs ’s an spòrs. Tha daoine òga san sgìre a’ tòiseachadh a’ cluich aig aois òg agus tha seo a’ cuideachadh gu mòr le bhith a’ cumail suas cultar an spòrs san sgìre.

The Game of Shinty – Penny Magazine (1935).

Gèam Iomain – Dealbh: Penny Magazine (1935)

Aig aon àm, bha sgiobaidhean aig mòran de na bailtean air feadh sgìre Spè, far an lorg sibh a dhà de na sgiobaidhean as soirbheachaile sa gheama tro na clubaichean camanachd aig Ceann a' Ghiùthsaich agus Bail’ Ùr an t-Sléibhe. Gu h-eachdraidheil, tha Bàideanach cuideachd air leth cudromach a thaobh leasachaidh an spòrs san àm a dh’ fhalbh agus san latha an-diugh. 

Cha b’ e dìreach na daoine air an tuath a bha a’ gabhail pàirt ann an iomain, agus bha mòran de na h-uachdarain ionadail agus Cinn-Chinnidh cuideachd nan luchd-taic don spòrs. Tha na geamannan a chuir iad air dòigh am measg na h-eisimpleirean as tràithe den spòrs ga chluich san sgìre. Anns na bliadhnaichean às dèidh sin chluich Bàideanach pàirt cudromach le bhith a’ stèidheachadh a’ gheama ùr-nodha, oir bha iomain ag atharrachadh bho cur-seachad traidiseanta gu spòrs nas eagraichte agus farpaiseach.

Tha Buidheann Cuimhneachain Iomain Bhàideanach na buidheann choimhearsnachd a tha a' cleachdadh dhealbhan-camara agus seann nithean eachdraidheil mar innealan cuimhneachain airson ceangal le muinntir an àite tron ùidh aca ann an camanachd. The seo a’ toirt a-steach feadhainn a tha a’ tighinn-beò le seargadh-inntinn no duilgheadasan eile le slàinte na h-inntinn, agus an fheadhainn a tha a’ fulang tro aonaranachd.

Cuimhneachain Iomain Bhàideanach 2019 (6 mionaidean)

Mapa Àrd-shealladh

Tha Slighe na Camanachd a’ toirt a-steach trithead prìomh làrach, bho Lagan gu Ceann na Creige, a tha buntainn ri dualchas iomain Bàideanach agus cultar traidiseanta Gàidhealach. Thar cùrsa an turais seo faodar rannsachadh tùsan iomain agus leasachadh a’ gheama ùr-nodha, a bharrachd air eachdraidh na prìomh sgiobaidhean san sgìre, san àm a dh’ fhalbh agus san latha an-diugh. Tha cothrom ann cuideachd eòlas fhaighinn air pìosan cudromach de eachdraidh Bhàideanach, leithid an Clann Mhic a’ phearsain, eilthireachd, cogadh, agus turasachd tràth. 

Slighe na Camanachd

Gus tòiseachadh, sgrolaich sìos air a’ mhapa gus gluasad tro shreath nan àiteachan. Aig gach puing air an t-slighe tha tuilleadh fiosrachaidh eachdraidheil rim faighinn air an taobh chlì - faodar seo a leughadh le bhith a’ scrolladh sìos tron ​​teacsa.

Còmhla ris an fhiosrachadh seo airson gach àite, tha dealbhan agus bhideothan ann ri faicinn cuideachd a bheir sealladh dhuinn air dualchas agus cultar na sgìre - san àm a dh' fhalbh agus san latha an-diugh. Tha na dealbhan seo ann an cruth taisbeanadh-shleamhnagan agus faodar an sgrùdadh le bhith a’ cliogadh na saigheadan. 

Gus tuilleadh ionnsachadh mu na dealbhan, cliog air an comharra fiosrachaidh bheag aig mullach clì gach dealbh. Aig a h-uile puing air an t-slighe tha goireas mapa beag gu h-àrd air an taobh chlì, a tha ag innse far a bheil an làrach dualchais fhèin agus a tha sealltainn an sgìre mun cuairt – tha am mapa seo cuideachd airson gluasad gu diofar àiteachan air an t-slighe. Mu dheireadh, faodar am bàr-inneal aig mullach an sgrìn a chleachdadh airson gluasad eadar earrannan sònraichte den t-slighe.

1

Carragh-cuimhne Chreig Bhuidhe

A’ siubhal gu tuath air an A889 à Dail Chuinnidh tha e coltach gum faca tu a’ charragh-chuimhne mhòr a tha seasamh gu pròiseil air mullach Creag Buidhe agus is dòcha gu robh iongnadh ort cò no dè a tha e a’ comharrachadh. Tha an structar, mu fhichead troigh de dh' àirde agus gu tur fosgailte do na h-eileamaidean, mar chuimhneachan air Eòghann ‘Cluainidh’* Mac a’ phearsain, ris an canar cuideachd ‘Seann Chluainidh’.

Rugadh Eòghann ann an 1804 agus fhuair e dreuchd Ceannard a’ Chinnidh bho athair, Donnchadh; bha e os cionn dachaigh a shinnsirean agus na tìrean mun cuairt airson faisg air seachdad bliadhna (1817-1885). Bha taic bho uachdarain ionadail agus uaislean na sgìre deatamach airson mairsinneachd agus leasachadh air iomain, no camanachd, agus bha ‘Cluainidh’ Mac a’ phearsain am measg an luchd-taic a bu tràithe dhan gheama aig àm fàs. Bhiodh e a’ cur air dòigh iomadh tachartas iomain ris an canar “Cluich-bhall” (Ball-plays ’s a Bheurla) aig amannan leithid comharrachadh na Bliadhn’ Ùire.

*Tha an teirm ‘Cluainidh’ na thiotal a chaidh a chuir air a h-uile Ceann-Cinnidh Mac a’ phearsain ann am Bàideanach, a’ toirt iomradh air cathair shinnsireil Clann Mhic a’ phearsain, a bha gu h-eachdraidheil suidhichte aig Caisteal Chluanaidh ann an Lagan.

‘Bhàsaich Cluainidh air an 11mh dhen Faoilleach, 1885, agus chaidh a chur gu fois… ann an cladh an teaghlaich a’ coimhead thairis air abhainn Spè agus na beanntan a bha cho faisg air a’ chridhe. B’ e latha geamhraidh fuar a bh’ ann le còmhdach aotrom sneachda. Chruinnich sluagh mòr de dhaoine a’ eadar boireannaich is clann, chan ann a-mhàin à Lagan ach cuideachd bho mòran pharaistean eile, is riochdairean bho na teaghlaichean eachdraidheil as motha air a’ Ghàidhealtachd gus an urram mu dheireadh aca a thoirt do dhuine gasta ris an urrainnear a ràdh gu fìrinneach: b’ esan am fear mu dheireadh de Chinn-feadhna nan Seumasach.’

-      Eadar-theangachadh bho A Highlander Looks Back (1965), le Aonghas Mac a’ phearsain

Cliog tro na dealbhan faisg air làimh airson tuilleadh sheallaidhean den stad seo agus puingean eile air an turas.

2

Lagan Choinnich

Gu h-eachdraidheil, tha sgìre Lagain glè chudromach do dhualchas na camanachd ann am Bàideanach, gu h-àraidh leis gur ann an seo a tha Caisteal Chluainidh, a tha na dachaigh sinnsireil do Chinn-Cinnidh Mhic a’ phearsain, agus far an robh móran dhen na ‘cluidh-bhall’ air an cur air adhart ’s na làithean tràth dhen spòrs. 'San àm a dh’ fhalbh, bhiodh iomain cuideachd air a chluich air Là na Sàbaid, le muinntir an àite a’ dol dhan eaglais sa mhadainn ’s a’ cruinneachadh às deidh sin airson geama iomain beòthail. Faisg air deireadh an 19mh linn chaidh grunn gheamannan cudromach a chluich san sgìre a lean gu mean-fhàs a gheama is cleachdaidhean an latha an-diugh, mar bàlaichean leathair.

Bho thoiseach an 20mh linn, bha Lagan nan sgioba comasach, farpaiseach a’ seasamh leotha fhèin, a bharrachd air a bhith nam prìomh thaic do leasachadh iomain mar spòrs nas eagraichte. Gu farpaiseach, bhuinnig Lagan cuid de na prìomh dhuaisean san spòrs tro eachdraidh a’ chluba. Bha iad am measg nan sgiobaidhean a ghabh pàirt anns a’ chiad co-fharpais de Chupa na Camanachd ann an 1895-96. Bhuannaich iad Cupa MhicTàmhais ann an 1900, a bharrachd air Cupa a’ Chaimbeulaich agus an Caman Ceanadach, agus bha iad cuideachd ’s an dàrna àite ann an co-fharpais Cupa na Camanachd ann an 1904 an aghaidh Caol Bhòid.

‘Ann an gleann brèagha Siorradh Beag, nuair a bha mi mu dhà-dheug a dh’ aois, chunnaic mi agus ghabh mi pàirt ann an sgioba camanachd na h-òigridh. Chaidh am blàr airson urram a chosnadh a chur eadar taobh a tuath agus taobh a dheas Abhainn Spè. Bha na fir bhon taobh-tuath air an stiùireadh leis an tuathanach uasal tlachdmhor sin, Mgr Dòmhnall MacFhilip, Blàragaidh, agus an sgioba bhon taobh-deas le Mgr Gileabart, bàillidh Sir Iain Ramsden, nach-taice iomain gu cùl an droma. Bha cho-fharpais na h-òigridh a gabhail a-steach gillean bho sgoiltean Garbh-ghaisg agus Ceann Loch Lagain, le dà sgiobair, gille MacRath agus mi fhìn.'

-      Eadar-theangachadh bho A Highlander Looks Back (1965), le Aonghas Mac a’ phearsain

Goireasan Eile

Làrach-lìn Coimhearsnachd Lagan:  www.laggan.com 

Laggan Remembers (2014) - Graham Grant

3

Caisteal Chluainidh

B’ e Caisteal Chluainidh cathair oifigeil Chloinn Ic a’ phearsain ann am Bàideanach. Chaidh an taigh-mòr a chithear an-diugh a thogail ann an 1805, an àite a’ chaisteil thùsail a chaidh a losgadh gu làr le feachdan an riaghaltais ann an 1746. Thar nam bliadhnaichean dh’ fheuch grunn dhaoine cliùiteach ris an t-seann togalach mhòr a cheannach, leithid Anndra Carnegie, a dh’ fhuirich san taigh-mhòr iomadh uair rè saor-làithean seilg, a bharrachd air a’ Bhanrigh Bhictòria, tha iad ag ràdh.

Tha an ‘cluidh-bhall’ aig Cluainidh am measg nan eisimpleir as tràithe a chaidh a chlàradh de dh’ iomain eagraichte ga cluich san sgìre, le sgeulachdan mu na geamannan a’ glacadh an nàdar fèilleil, sòisealta a bh’ aig nan geamannan ris an robh muinntir an àite a’ coimhead air adhart gu mòr. Tha e cuideachd a’ glacadh an dòigh anns an robh an geama air a chluich mus robh e na spòrs nas eagraichte, le buidhnean mòra de dhaoine an sàs ann am farpais beòthail, far nach robh riaghailtean teann a thaobh àireamhan sgioba, uidheamachd, no meud an raoin-cluiche. Chaidh a’ mhòr-chuid de na geamannan seo a chluich aig a’ Bhliadhn’ Ùr far am biodh an t-uachdaran a’ comharrachadh tionndadh na bliadhna agus bhiodh na geamannan ceangailte ris a’ mhìosachan obrach cuideachd.

‘Tha sgrìobhadh mun t-seann gheama uasal iomain a’ toirt nam chuimhne an Cluidh-bhall bliadhnail aig Cluainidh. B’ e seo aon de na priomh thachartasan sa bhliadhna nuair a chuireadh an Ceann-feadhna agus a Bhean-uasal fàilte air a h-uile duine. Bhiodh Pàrtaidh a’ Chaisteil a’ caismeachd gu raon a’ bhlàir, fo stiùir Pìobaire an teaghlaich. Bha aig a h-uile duine a thug leotha caman ri pàirt a ghabhail sa gheama. Chaidh seacaidean a chur sìos airson puist-tadhail aig fad na h-achadh - fear glè fhada gun loidhne-crìche, agus gun rèitire, ach an Ceann-feadhna ag èigheachd a-mhàin ann an Gàidhlig gus an sgioba taghte aige fhèin a bhrosnachadh, an aghaidh sgioba a thagh uachdaran nàbaidheachd.’

-      Eadar-theangachadh bho A Highlander Looks Back (1965), le Aonghas Mac a’ phearsain

4

Creag Dhubh (Uamh Chluainidh)

Bha Eòghann ‘Cluainidh’ Mac a’ phearsain na Cheann-Cinnidh thairis air sgìre Bhàideanach aig àm Ar-a-mach nan Seumasach. Mar a bha gluasad Na Seumasach a’ cruinneachadh neart, chuir an riaghaltas fios gu ‘Cluainidh’ Mac a’ phearsain gus dreuchd stiùiridh a ghabhail taobh a-staigh na rangannan aca fhèin, ge-tà, bha Clann Mhic a’ phearsain air a bhith a’ toirt taic do chùis nan Seumasach roimhe, agus dh’ fhàg seo ‘Cluanaidh’ eadar dà bheachd nuair a chaidh na saighdearan a thoirt còmhla a-rithist. Ged a thug ‘Cluainidh’ gealladh don riaghaltas an toiseach, thàinig e a-rithist gus taic a thoirt dha na Seumasaich agus bha e a’ sabaisd air taobh Theàrlaich Eideard Stiùbhart.

Nuair a thug feachdan an riaghaltais buaidh air na Seumasaich, thug an ùmhlachd seo air ‘Cluainidh’ a dhol am falach nuair a chaidh duais a chuir air a’ cheann. Am measg an iomadh àite chun an do theich e, tha e ri aithris gun deach ‘Cluainidh’ am falach ann an uamh shuas gu h-àrd anns na beanntan os cionn Baile Ùr an t-Sléibhe. Se ‘Creag Dhubh Chlann Chatain!’ an gairm-chatha aig Clann Ic a’ phearsain, a tha a’ toirt iomradh air an t-suidheachadh aca taobh a-staigh Clann GhilleChatain, a bharrachd air beinn Craig Dhubh fhèin. Ach, ged a bha e am falach, thathar ag ràdh gu robh am buaradh den gheama fhathast ro mhòr dha ‘Cluanaidh’ a dhol an aghaidh...

‘Às deidh dha pàirt a ghabhail air taobh nan Seumasach am Bliadhna Theàrlaich, chuir Cluainidh Mac a’ phearsain seachad naoi bliadhna a’ falach ann an sgìre Lagain fhad ’s a bha saighdearan an riaghaltais a’ coimhead air feadh na dùthcha a’ feuchainn ri lorg. Ann an 1745 no 1748, nuair a bha e san uaimh aige air Creag Dhubh, chuala Cluainidh fuaim gèam iomain na Bliadhn’ Ùire. Ged a bha e gu tur mothachail gun robh e a’ cur a bheatha ann an cunnart air sgàth gu robh còtaichean-ruadha faisg air làimh, cha b’ urrainn do Chluanaidh a dhol an aghaidh tarraing a’ gheama: a’ gearradh cluba gu sgiobalta bho chraobh-beithe anns an nàbaidheachd an àite-falaich aige, rinn e chun na pàirce aig astar, agus an còmhnaidh air thoiseach anns an t-sìth cleas a’ chogaidh, cha b’ fhada gus an robh e aig ceann nan cluicheadair.’

‘Ann an àiteachan coillteach, chaidh fiodh a chleachdadh. Chaidh geugan calltainn, seileach, darach, leamhan no beithe a ghearradh agus a shnaidheadh ann an cumadh. Bha beithe, seileach agus leamhan aotrom ach furasta am briseadh. Bha darach cho cruaidh ’s gun tigeadh ‘gath suas tro chas a’ chamain agus tro do làmhan,’ rudeigin a dh’ fheuch feadhainn de na cluicheadairean ri lùghdachadh le bhith a’ cuir toll sios tro chas a’ chamain… Air feadh nan eilean far nach robh craobhan, leithid an Uibhist agus Beàrnaraigh, chaidh bataichean tiugh de dh’ feamainn a chleachdadh, agus ann an Uibhist a Deas co-dhiù, bha canabhas-siùil air a roiligeadh gu teann, air a thoinneachadh agus air a chruthachadh mar chaman a ghabhadh obrachadh.’

-      Eadar-theangachadh bho The Caman is their Pastime from the Cradle to their Graves: Shinty in Badenoch & Strathspey 1747 – 1939, le Ròs-Muire MacGileabairt.

5

Taigh-tasgaidh Chloinn Ic a’ phearsain

Tha ceanglaichean làidir, seasmhach aig Clann Ic a’ phearsain le Bàideanach agus tha iad air a bhith gu mòr an sàs anns an dualchas agus cultar an sgìre tro na linntean, le iomain cuideachd mar phàirt de seo. A bharrachd air a bhith a’ toirt taic don gheama san àm a dh’ fhalbh, bha na Clann Ic a’ phearsain cuideachd an sàs ann a bhith a’ leasachadh iomain eagraichte, le iar-ogha do ‘Chluainidh’ Mac a’ phearsain na iar-cheann-suidhe air Comann nan Camanachd ri taobh Teàrlach Mac a’ phearsain a’ Baile a' Bhile agus Lachann Anndra Mac a’ phearsain à Coire Mhonaidh.

Tha taghadh de nithean eachdraidheil co-cheangailte ri iomain rim faicinn ann an taigh-tasgaidh Chlann Ic a’ phearsain, ann am Baile Ùr an t-Sléibhe, còmhla ri tuilleadh fiosrachaidh mu ‘Chluainidh bhon '45’ agus Ar-a-mach nan Seumasach. Faodaidh luchd-tadhail cuideachd barrachd ionnsachadh mu Sheumas ‘Ossian’ Mac a’ phearsain, a tha ainmeil airson na h-“eadar-theangachaidhean” aige de na Sgeulachdan Oiseanach, agus a bha uaireigin a’ fuireach ann an Taigh Baile a' Bhile, a tha faisg air an A9 ri taobh Chinn a' Ghiùthsaich.

Tha buaidh fharsaing aig Clann Mhic a’ phearsain le co-bhuill a’ fuireach air feadh an t-saoghail. Gach samhradh, aig toiseach an Lùnastail, bidh cruinneachadh a’ Chinnidh ann am Baile Ùr an t-Sléibhe mar phàirt de na Geamannan Gàidhealach traidiseanta. Bidh buill dhen Chinneadh air an sgeadachadh ann an èideadh traidiseanta, a’ caismeachd bho Seann Rath Liath ann an imreachadh air a stiùireadh le pìobairean, sìos a dh’ ionnsaigh an Eilein agus a-steach don raon-cluiche gus na geamannan a thòiseachadh.

Goireasan Eile

Taigh-tasgaidh Chlann Mhic a’ phearsain:  www.clanmacphersonmuseum.org.uk 

Comann Chlann Mhic a’ phearsain:  www.clan-macpherson.org 

6

An t-Eilean

Chaidh iomain a chluich mun cuairt air Baile Ùr an t-Sléibhe mus robh am “baile ùr” ann, mar a tha sinn eòlach air an-diugh. Thathas an dùil gun deach iomain a chluich air an raon-cluiche ainmeil aig Baile Ùr an t-Sléibhe, An t-Eilean, airson còrr math is ceud bliadhna agus is dòcha nas fhaide air ais na sin fhèin. Anns an latha an-diugh, tha An t-Eilean fhathast na dhachaigh oifigeil aig Comann Camanachd Bhaile Ùr an t-Sléibhe agus tha an t-ainm a’ tighinn bho Eilean Bheannchair a tha na laighe ann an comar aibhnichean Spè is Chaladair, dìreach seachad air a’ phàirce fhèin.

‘Air Latha na Nollaige chruinnich na cluicheadairean iomain ann an sgìre Bhail’ Ùr an t-Sléibhe air Eilean Bheanachair - o chian nan cian an suidheachadh son cruinneachaidhean mar seo - agus chaidh an geama a chumail suas le mòran sunnd airson grunn uairean a shìde - Mgr Gwyer, Biallaid, a’ toirt seachad biadh is deoch. Bha geam mòr, cruaidh, farpaiseach ann cuideachd air Dail Mhór Chinn a' Ghiùthsaich (The Highlander, 1mh Faoilleach 1876)’

-      Eadar-theangachadh bho Shinty, Nationalism and Cultural Identity 1835 - 1939: A Critical Analysis - Irene Reid (Theses - University of Stirling Faculty of Health Sciences and Sport)

7

Comann Camanachd Bhail’ Ùr an t-Sléibhe

Chaidh Comann Camanachd Bhail’ Ùr an t-Sléibhe a stèidheachadh sa bhliadhna 1890, dìreach mus deach Comann nan Camanachd a’ chruthachadh ann an 1893, far an robh Comann Camanachd Bhail’ Ùr an t-Sléibhe am measg nam ball stèidheachaidh. Thairis air na bliadhnaichean, tha an sgioba air a bhith air leth soirbheachail a thaobh farpaisean, a’ buannachadh Cupa na Camanachd, an duais as cliùitiche san spòrs, barrachd thursan na sgioba sam bith eile gu ruige seo. Tha an sgioba cuideachd an-dràsta a’ cumail na h-àireamhan clàraichte anns an Cupa MhicTàmhais.

Goireasan Eile

Comann Camanachd Bhaile Ùr an t-Sléibhe:  newtonmoreshinty.co.uk 

Comann na Camanachd:  www.shinty.com 

8

Stéisean-réile Bhail’ Ùr an t-Sléibhe

Thug leasachadh air structar agus seirbheisean réile san sgìre buaidh mhòr air adhartas iomain. Le leasachaidhean air lìonradh rathaidean na Gàidhealtachd tràth san linn, a bharrachd air piseach an rèile nas fhaide air adhart san aon ùine, chaidh Bail’ Ùr an t-Sléibhe agus Ceann a' Ghiùthsaich a cheangal ris a’ chòrr den dùthaich agus cuideachd dh’ fhosgail an rèile a’ Ghàidhealtachd do luchd-tadhail. Aig an aon àm, bha ùidh ann an cultar traidiseanta na Gàidhealtachd a’ fàs agus thàinig sin uile còmhla gus Bàideanach a dhèanamh na àite turasachd a bha gu math tarraingeach.

Tha Stéisean-réile Bhail’ Ùr an t-Sléibhe na eisimpleir ailtireil ainmeil agus chaidh a dhealbhadh leis an ailtire Uilleam Roberts, a dhealbhaich cuideachd Stéisean-réile Chinn a' Ghiùthsaich, An Aghaidh Mhór agus Coit a' Ghartain. Bha maighstir-stèisein na Bail’ Ùir, Seoc Pòl Mac an Tòisich, a’ coimhead às deidh an stèisein gu cùramach son mòran bhliadhnaichean, agus anns an ùine sin choisinn an stèisean mòran dhuaisean. Mar sin, seo togalach 's fhiach tadhal air do neach sam bith aig a bheil ùidh anns an lìonradh rèile eachdraidheil no ailtireachd na sgìre! Bha Seoc cuideachd na chluicheadair agus rianaire camanachd ainmeil san àite agus bha daoine san sgìre glè mheasail air.

Goireasan Eile

Eachdraidh Loidhne na Gàidhealtachd:  www.hrsoc.org.uk/railway.html 

9

Raon-goilf Bhail’ Ùr an t-Sléibhe

Gu h-eachdraidheil, bha margaidhean-chruidh glè chudromach dhan eaconamaidh am Baile Ùr an t-Sléibhe. Bha am fearann air a bheil an raon-goilf air a thogail a-nis air a chleachdadh mar mhargaidh anns na seann làithean. Air a stèidheachadh ann an 1893, tha càirdeas gu math fada agus sònraichte aig na clubaichean goilf ’s iomain ann am Baile Ùr an t-Sléibhe, leis gu bheil Bàideanach ainmeil airson goilf clì-làmhach. Cuideachd, tha Club Goilf Bhail’ Ùr an t-Sléibhe ag ràdh gu bheil barrachd cluicheadairean clì-làmhach aig a’ Chlub Goilf na club sam bith eile. Tha e coltach gu bheil seo gu ìre mhòr mar thoradh air an ceangal eachdraidheil eadar iomain agus goilf san sgìre. Tha cead aig cluicheadairean iomain am ball a chluich air gach taobh dhen caman agus mar sin tha iad a’ leantainn an roghainn nàdarra aca fhèin. Tha na cluicheadairean an uairsin sa chumantas a’ gabhail ris an roghainn seo nuair a bhios iad a’ cluich goilf. Bha dealbhaiche a’ chùrsa tùsail, Tom Morris, cuideachd na chluicheadair clì-làmhach. 

Goireasan Eile

Club Goilf Bhaile Ùr an t-Sléibhe:  www.newtonmoregolf.com 

The First 100 Years of Golf at Newtonmore (1993) - John C. Downie

10

Talla a' Bhaile Bail’ Ùr an t-Sléibhe

Tha an talla aig cridhe Bhail’ Ùr an t-Sléibhe, a’ cumail cèilidhean, coinneamhan, clasaichean agus tòrr thachartasan coimhearsnachd eile. Chaidh a thogail ann an 1913 leis an ailtire ionadail Alastair Catanach, a dhealbhaich àireamh mhòr de na togalaichean san sgìre, far an deach am fearann ​​a thoirt seachad mar thabhartas bho C.J.B Mac a’ phearsain. Am measg an luchd-tabhartais airson togail an talla bha an gràdhaiche-daonna ainmeil, Ameireaganach Anndra Carnegie, a bharrachd air Ealasaid Garrett NicAnndrais, a’ chiad dotair bhoireann ann am Breatainn, a bha a’ tadhal air an sgìre san t-samhradh.

Chaidh an talla a chleachdadh gu tric leis a’ choimhearsnachd iomain thar nam bliadhnaichean airson tachartasan togail-airgid, leithid cèilidhean agus cuirmean a chumail. Tha cuideachd dà mosàig air aghaidh an talla a chaidh a chur ris air a’ cheudamh cuimhneachan aig an togalach ann an 2013. Tha aon de na mosàigean a’ sealltainn sealladh de Chomann Camanachd Bhail’ Ùr an t-Sléibhe air an Eilean a’ mìneachadh luach iomain san sgìre.

‘Aig àm an Dàrna Cogadh, chaidh còinneach a chaidh a chruinneachadh airson bannan le òigridh an àite a thiormachadh air àrd-ùrlar an Talla, mus deach a phacaigeadh agus a chur air falbh. Aig àm na Nollaige, 1941, chaidh pàrtaidh a chumail anns an Talla airson clann a chaidh a ghluasad à Dùn Èideann gu Loidse Ràth Liath… B’ àbhaist taigh-dhealbh a bhith ag obair dà uair san t-seachdain anns an Talla, a’ sealltainn filmichean air an toirt seachad le Comann Film na Gàidhealtachd is nan Eilean.’

-      Eadar-theangachadh bho Slighe Dualchais Bhail’ Ùr an t-Sléibhe

Goireasan Eile

Slighe Dualchais Bhaile Ùr an t-Sléibhe:  www.newtonmore.com/163-in-newtonmore/heritage-trail.html 

11

Cuimhneachan-cogaidh Bhail’ Ùr an t-Sléibhe

Tha mòran dhen bheachd gur e an Dr Iain Catanach aon de na cluicheadairean iomain as fheàrr a bh’ ann riamh agus 's e cuideachd an aon cluicheadair iomain a chaidh ainmeachadh ann an Talla Nàiseanta an Sàr-Luchd-Spòrs. Tha Catanach na ghaisgeach do sgioba Bhail’ Ùr an t-Sléibhe agus tha e a’ cumail a’ chlàir airson an àireamh de thadhail ann an aon gheama, nuair a loisg e an lìon ochd tursan ann an Cuairt Dheireannach Cupa na Camanachd 1909 an aghaidh An Fhùirneis; tomhas a tha fhathast ri bhriseadh gus an latha an-diugh. Cha b’ e iomain an aon rud air an robh an Dr Iain comasach, an dèidh dha Alba a riochdachadh ann an hocaidh agus lùth-chleasachd.

Dh’ fhàg Catanach an dachaigh aige gus a dhol na oileanach an Oilthigh Dhùn Èideann far an do choilean e ceum mar dhotair, a bharrachd air na h-ealain. Àn deidh toiseach a’ Chiad Chogaidh, chaidh an Dr Iain a-steach do dh’ Fheachd Meidigeach Rìoghail an Airm, Rèisimeid Siorrachd Warwick, far an deach a dhèanamh na Leifteanant. Ann an 1915, bhàsaich Dr Iain Catanach bho lotan a chaidh fhulang ann am batal Ghallipoli ach cha deach a chorp a thilleadh dhachaigh a-riamh; bha a bhàs na chall mòr do sgìre Bhail’ Ùr an t-Sléibhe agus coimhearsnachd na camanachd. Bha an Dr Iain mar aon de mhòran chluicheadairean tàlantach a chaidh a chall anns a’ Chiad agus an Dàrna Cogadh, agus thug seo buaidh mòr air na coimhearsnachdan iomain, gu sònraichte anns na bailtean nas dùthchaile, le sluaghan nas lugha. Tha an t-ainm aige air a’ chuimhneachan-cogaidh ionadail, còmhla ris a h-uile duine eile às a’ bhaile a chaidh a chall anns a’ chòmhstri, agus tha cuimhneachan-cogaidh cudromach eile cuideachd ann am bailtean air feadh an Gàidhealtachd.

‘Ann an 1917, chaill saoghal na camanachd an cluicheadair a b’ fheàrr na latha, an Dr Iain Catanach, a chaidh a mharbhadh anns a’ chòmhstri aig na Dardanelles. “Prionnsa am measg chluicheadairean iomain” agus na lùth-chleasaiche cliùiteach gu h-iomlan, bhathar e ri ràdh gun ruitheadh Catanach bhon dachaigh aige ann am Bail’ Ùr an t-Sléibh’ chun achadh aig an Eilean, a’ cothromachadh a’ bhuill air a’ chaman, mar ullachadh airson geama. Cha leigeadh e leis a’ bhall tuiteam fiù 's aon uair. Cluicheadair barraichte a bha cuideachd na dhuine meidigeach cliùiteach, cluicheadair hocaidh eadar-nàiseantach agus tàlantach a’ ruith aig astar, bha e gun choimeas agus tha iad ag ràdh gu robh e na ghnìomh is na ghiùlain às cionn chàich.’

-      Eadar-theangachadh bho Shinty Dies Hard, PhD Thesis (Aberdeen, 1998), leis An t-Oll Ùisdean MacIllInnein

12

Bun-sgoil Baile Ùr an t-Sléibhe

Tha an t-seann phàirt de Bhun-sgoil Bhail’ Ùr an t-Sléibhe a’ dol air ais gu deireadh an 19mh linn, agus chaidh cur-ris ás déidh seo san 20mh linn air a dhealbhadh leis an ailtire ionadail Alastair Catanach. Tha iomain na phàirt bhunaiteach de bhith a’ fàs suas ann am Bail’ Ùr an t-Sléibhe, far an deach iomain a chluich san sgìre cho fad ’s a chuimhnichear, ’s tha e fhathast air an cluich gu follaiseach chun latha an-diugh.

Suidhichte air Rathad an Raon Goilf, tha càirdeas fhada eadar a’ bhun-sgoil agus an raon goilf nuair a thig e gu iomain. Is ann an àite ris an canar ‘mullach an raon goilf’ a thòisich mòran de na chluicheadairean òga mus deach iad air adhart gu bhith a’ cluich leis an sgioba inbheach. Bha an t-àite air leth freagarrach airson a bhith a’ cluich iomain oir bha e cho faisg air an sgoil fhèin agus meadhan a’ bhaile. Bhiodh cluicheadairean òga às an sgìre a’ caitheamh tòrr ùine aig ‘mullach an raon goilf’ a h-uile latha agus feasgar dhen t-seachdain. Chruinnicheadh mòran theaghlaichean às an sgìre aig an raon goilf am bial an fheasgar a choimhead air geama iomain, far an robh cothrom ann cuideachd a bhith a’ gabhail pàirt leis na cluicheadairean a bu sinne.

13

Taigh-òsta Bhail’ a' Bhile

Tha dlùth-chàirdeas aig Taigh-òsta Bhaile a' Bhile leis a’ choimhearsnachd iomain ann am Bail’ Ùr an t-Sléibhe mar àite cruinneachaidh agus tha e air a bhith mar aon de na prìomh sponsairean aig an sgioba airson mòran bliadhnaichean. Coltach ri mòran de na taighean-òsta eachdraidheil anns a’ Mhonadh Ruadh, thòisich am Baile a' Bhile mar taigh-òil fo shealbh an teaghlaich Bentick, a bha a’ frithealadh luchd-siubhail a bha a’ gluasad tron ​​sgìre mus deach an lìonradh rathaidean ùr a chur a-steach.

Tràth san 20mh linn bha Bail’ Ùr an t-Sléibhe agus Ceann a' Ghiùthsaich nan àiteachan turasachd tarraingeach agus trang, a bha gu ìre mhòr mar thoradh air leasachaidhean an rèile. Air sgàth seo, chaidh an taigh-seinnse ath-leasachadh na thaigh-òsta nas motha, agus chaidh mòran a chur ris thairis air na bliadhnaichean. Anns an latha an-diugh, tha am Baile a' Bhile fhathast na àite cruinneachaidh do choimhearsnachd na camanachd, ro gheamannan agus airson deasbadan às an dheidh. Tha am ‘bàr iomain’ ainmeil mar thasglann de chuimhneachain Cluba a bharrachd air taisbeanadh de dhuaisean airgid a tha aig a’ chlub an-dràsta.

14

Taigh-tasgaidh Dualchas na Gàidhealtachd

Chaidh Taigh-tasgaidh Dualchas na Gàidhealtachd a stèidheachadh leis an eachdraiche Dr Iseabail Frangag Ghrannd MBE agus chaidh ainmeachadh “Am Fasgadh.” Bhathar an dùil ‘fasgadh a thoirt do sheann rudan Gàidhealach bho sgrios’. Chaidh fhosgladh ann an 1935 agus bha an taigh-tasgaidh tùsail suidhichte ann an seann Eaglais Shaor ann an Eilean Ìdhe mus do ghluais e gu Bàideanach ann an 1939. An toiseach, bha an taigh-tasgaidh suidhichte ann an seann eaglais ann an Lagan, mus do ghluais e a-rithist gu Ceann a' Ghiùthsaich ann an 1944, far am faicear an togalach a chaidh a chleachdadh an uair sin fhathast; gu h-eachdraidheil b’ e seo cuideachd taigh an t-seann fhactair. Bha trì togalaichean mac-samhail ann, a’ bharrachd air taigh-tughaidh Innse Gall, agus tha e air aithneachadh mar a’ chiad taigh-tasgaidh fosgailte air an taobh-a-muigh am Breatainn.

Ghluais Taigh-tasgaidh  Dualchas na Gàidhealtachd gu làrach am Bail’ Ùr an t-Sléibhe anns na 1980n, a’ leantainn dìleab an Dr Ghrannd le bhith a’ solaireadh eòlas dualchais-beò a tha a’ glacadh an dòigh-beatha traidiseanta a bh’ aig na Gàidheil agus mar a tha seo air atharrachadh thar nan linntean. Chaidh an goireas stòraidh is rannsachaidh Am Fasgadh a chrìochnachadh ann an 2013. Tha seo a’ toirt a-steach an cruinneachadh tùsail aig an Dr Ghrannd, agus chaidh cur ris bhon uairsin e nis le cùram son còrr air 10,000 rud son an glèidheil.

Tha cruinneachadh air leth anns an taigh-tasgaidh de stuth eachdraidheil co-cheangailte ri iomain, leithid uidheamachd tràth - camain is bàlaichean - litreachas agus dealbhan. Tha an cruinneachadh seo a’ leudachadh gu cunbhalach tro obair com-pàirteachais, gu sònraichte le taic bho na coimhearsnachdan ionadail mar phàirt de phròiseact Cuimhneachain Iomain Bhàideanach. Tha iomain cuideachd air a riochdachadh aig pàillean iomain Both Fhleisginn, a chaidh a thogail anns na 1930an airson luchd-obrach a’ Chompanaidh Alùmanum Bhreatainn Earr. ag obair ann am Fothair, agus a chaidh a ghluasad gu Taigh-tasgaidh Dùthchail na Gàidhealtachd ann an 2013. Tha raon-cluiche beag taobh a-muigh a’ phàillein far am bi geamannan iomain òigridh gan cluich, mar farpais bliadhnail Chuaich An Fhasgaich.

‘Bha fir a’ gabhail cùram mòr ann a bhith a’ cruthachadh caman - bha deagh chaman na adhbhar ghlòir-mhoir ’s moit. Bhiodh fiodh air a theasachadh san teine ​​agus air a chruthachadh na lùb, a bha an uairsin air a chlampadh na àite airson beagan làithean gus am biodh e anns a’ chumadh a bha a dhìth. An uairsin chaidh a’ chas a lùbadh: is dòcha gum biodh e le oir gus am ball a bhualadh gu h-àrd, no cruinn, airson a’ bhuill a bhualadh air an talamh. Bha caman deiseil na armachd eireachdail, grinn ri làimhseachadh...’

-      Eadar-theangachadh bho The Caman is their Pastime from the Cradle to their Graves: Shinty in Badenoch & Strathspey 1747 – 1939, le Ròs-Muire MacGileabairt

Goireasan Eile

Taigh-Tasgaidh Dualchas na Gàidhealtachd:  www.highlifehighland.com/highlandfolkmuseum/ 

15

Taigh-òsta Dhiùc Ghòrdain

Tha Taigh-òsta Dhiùc Ghòrdain air a bhith na cho-ionad ann an coimhearsnachd Chinn a' Ghiùthsaich airson mòran bhliadhnaichean; gu sònraichte a thaobh iomain, far an robh an taigh-òsta na h-àite-coinneachaidh do Comann Camanachd Chinn a' Ghiùthsaich airson tachartasan togail-airgid agus cruinneachaidhean sòisealta thairis air na bliadhnaichean. Ged a chaidh an togalach a th’ ann an-diugh a thogail tràth san 20mh linn, cleas iomadh taigh-òsta anns a’ Mhonadh lorgaidh an taigh-òsda a’ chuid eachdraidh air ais chun 19mh linn, far an deach an taigh-òsta a thogail far an robh an Taigh-seinnse Phitmain roimhe sin.

Aig aon àm bha an taigh-òsta leis an òsdair ionadail Uilleam Wolfenden, aig an robh Taigh-òsta An Rionnaig faisg air làimh. Bha e cuideachd air ainmeachadh mar Taigh-òsta Phullar’s ​​airson ùine ghoirid aig deireadh an 19mh linn. Anns na làithean tràtha, bhiodh Taigh-òsta Dhiùc Ghòrdain (ris an canar “An Diùc”) na àite-fois do luchd-siubhail a bha a’ cleachdadh an t-seann rathaid tron dùthaich mus deach an A9 a thogail. An-dèidh sin gheibheadh ​​an taigh-òsta buannachd bho luchd-turais a thàinig le leasachadh an rèile is rathaidean ùra agus nas fheàrr. Thathar ag ràdh cuideachd gun do thadhail a’ Bhanrigh Bhictòria air an taigh-òsta.

16

Cuimhneachan-cogaidh Chinn a' Ghiùthsaich

Mar le mòran choimhearsnachdan air feadh an Gàidhealtachd, dh’ fhuiling Ceann a' Ghiùthsaich call mòr sa Chiad Chogadh. Chaidh trì fichead beatha a chall bho air feadh na paraiste, agus bhon sgioba a bhuannaich Cupa Camanachd ann an 1914, cha do thill còignear às a’ chogadh. Bha buaidh uamhasach aig Blàr Festubert sa Chèitean 1915, gu sònraichte, air na coimhearsnachdan iomain, far an robh Iain MacGilleBhràith am measg nan cluicheadair a chaidh a chall bho Chomann Camanachd Chinn a' Ghiùthsaich, a’ bharrachd air Iain Mac a’ phearsain, a bhàsaich an dèidh a’ chogaidh bho leòntan a dh’ fhuiling e am batal.

Chaidh Lewis Mac a’ phearsain a’ clàradh le Làmhachas a’ Ghearastain Rìoghail nuair a thòisich an cogadh, ach gu duilich, dh' fhàs e gu math tinn agus chaochail e ann an Èirinn far an deach a chur a thrèanadh. An ath bhliadhna, chaidh Alick Tolmie a mharbhadh aig Blàr Scarpe agus aig Blàr Arras chaill Iain Mac a’ phearsain, aig an robh bùth spòrs ann an Ceann a’ Ghiùthsaich, a bheatha cuideachd; cha robh an dithis ach 23 bliadhna a dh' aois. Nas fhaide air adhart san aon bhliadhna, chaidh Calum Mac an Tòisich a mharbhadh aig Blàr ainmeil na Flànras.  

‘Bha an spiorad nach b’ urrainnear briseadh agus a thug na gaisgich bhon Ghàidhealtachd tron Chiad Chogadh ri fhaicinn a-rithist eadar 1939-1945. Chaidh sgiobaidhean a thogail anns Campaichean far an robh saighdearan nam Prìosannaich agus rachadh buidhnean a-mach son geugan a ghearradh son camain a dhèanamh.’

-      Eadar-theangachadh bho Shinty!, leis An t-Oll Ùisdean MacIllInnein

‘Bha camanachd glè chudromach ann a bhith a’ togail misneachd dhaoine aig an taigh, agus nas fhaide air falbh, bhiodh an gèam na phrìomh chur-seachad an Sasann far an robh cuid de na rèiseamaidean Gàidhealach stèidhichte. Thug iomadach saighdear caman leis dhan chogadh, no rinneadh oidhirpean camain a dhèanamh mar a ghabhadh. Rachadh sgiobaidhean a thogail stèidhiche air na sgìrean dham boinneadh daoine agus bha camanachd mar sin a’ neartachadh a cheangail ris an dachaigh aig àm a bha sìor dhoirbh.’

-      Eadar-theangachadh bho Shinty Dies Hard, leis An t-Oll Ùisdean MacIllInnein

17

Bun-sgoil Chinn a' Ghiùthsaich

Tha Bun-sgoil Chinn a' Ghiùthsaich mar aon den iomadh togalach eachdraidheil a tha rin lorg ann am meadhan a’ bhaile, leis an t-seann togalach a’ dol air ais gu 1874. Chaidh a dhealbhadh le na h-ailtirean Matthews agus Lawrie, a dhealbhaich cuideachd an taigh-cùirte agus an t-seann Eaglais Shaor faisg air an stèisean rèile. Chaidh cur ris a-rithist tràth san 20mh linn leis an ailtire ionadail Alastair Catanach. Bha an sgoil an toiseach a’ frithealadh sgìre Bàideanach gu h-iomlan, a bharrachd air sgìrean eile dhen Ghàidhealtachd, agus bha iad cuideachd a’ toirt a-steach roinn àrd-sgoile le clann a’ siubhal bho fhad is farsaing airson an cuid foghlaim.

Tha raon-cluiche faisg air a’ Bhun-sgoil a tha cuideachd a’ dol air ais gu timcheall air 1876, far an do thòisich mòran de chluicheadairean òga san sgìre sa gheama agus far an do dh' obraich iad air na sgilean aca thar nam bliadhnaichean. Chaidh iomain a chluich aig ìre òigridh ann am Bàideanach airson mòran bhliadhnaichean agus tha an spòrs glè tharraingeach agus cudromach fhathast anns an latha an-diugh, far a bheil sgiobaidhean òigridh air leth soirbheachail aig iomadh sgoil san sgìre. Tha cuideachd diofar dhuaisean airgid ann airson farpaisean òigridh, leithid Cupa MhicAoidh, Cupa Iain Mac a’ phearsain, Cupa MacMhaighstir, am measg duaisean eile.

18

Fuaran MhicCoinnich

Bha Peadar MacCoinnich, an Cunnta de Serra Largo, am measg nan uaislean ionadail a chuir taic mhòr ris a’ gheama agus a bha e na cheann-suidhe air Comann Chamanachd Chinn a' Ghiùthsaich airson timcheall air trithead ’s a ceithir bliadhna. Rinn e fhortan a’ siubhal an t-saoghail airson a’ chompanaidh Singer agus fhuair e an tiotal aige bho Rìgh Phortagail airson seirbheisean a chaidh a thoirt dha muinntir Phortagail fhad ’s a bha e ag obair ann am Braisil. Fhad ’s a bha e thall thairis phòs e boireannach à Portagail agus bha naoinear chloinne aca. Chuir an Cunnta gu fialaidh ris a’ bhaile dhùthchasach aige, a’ togail thaighean leithid an t-sreath de bhothain air Rathad Boa Vista, a bharrachd air a bhith a’ fàgail carragh-chuimhne ris an canar a-nis Fuaran MhicCoinnich, faisg air an stèisean rèile, mar tabhartas. Chaochail an Cunnta ann an 1931, aois 75, an deidh a bhith a’ fulang le tinneasan co-cheangailte ris a’ chogadh.

‘Rinn an sluagh mòr aig a’ Chrois ait-iolach nuair a thàinig Pàdraig MacChoinnich, Cunnta de Serra Largo, a-nuas bhon Bharraid an Ear còmhla ris a’ Bhan-iarla. B’ e Latha na Bliadhn’ Ùire, 1905, a bh’ ann agus chaidh ainmeachadh mar shaor-latha poblach. Air iarrtas a’ Chunnta bha neach-gairm a’ bhaile air cuireadh a thoirt don h-uile duine cruinneachadh aig a’ Chrois airson meadhan-latha a chaismeachd chun Dail son na Bliadhn’ Ùir a chomharrachadh san dòigh thraidiseanta. B’ e seo cuideachd a’ chiad chothrom a bh’ aig a’ Bhan-iarla geama seann-fhasanta de iomain fhaicinn. Bha còmhlan-pìoba làn a ’stiùireadh an imreachaidh…’

-      Eadar-theangachadh bho Kingussie and the Caman (1994), le Iain Robastan

19

Stèisean-rèile Chinn a' Ghiùthsaich

 Tha Stèisean-rèile Chinn a' Ghiùthsaich air a bhith na phrìomh àite airson mòran thachartasasn sa choimhearsnachd ionadail. Chaidh an rèile a chleachdadh gu mòr leis na clubaichean iomain thar nam bliadhnaichean, le sgiobaidhean a bha a’ tadhal a’ tighinn air an trèana agus an sgioba dachaigh ga chleachdadh airson geamannan air falbh bhon taigh. Chuir e cuideachd gu mòr ri turasachd san àite, le bhith a’ leigeil le luchd-tadhail a’ siubhal nas fhaide gu tuath na bha e comasach roimhe agus thug seo malairt agus gnìomhachas don sgìre.

Nuair a choinnich Ceann a' Ghiùthsaich agus Comhghall Ghlachu anns a’ gheama iomain ainmeil aca sa Ghiblean, 1893, ràinig sgioba Ghlaschu air an trèana agus chaismeachd na sgiobaidhean don Dail gus an geama a thòiseachadh. Chaidh an gèam ath-chruthachadh ann an 1993 mar phàirt de bhith a’ comharrachadh ceud bliadhna de Chomann na Camanachd. Bha an rèile cudromach cuideachd aig àm a’ chogaidh, nuair a chruinnich saighdearan à Ceann a' Ghiùthsaich agus na sgìreanan mun cuairt aig an stèisean mus do dh’ fhàg iad an dachaighean airson trèanadh agus na iomadan airm aca, mus deach iad an uairsin air adhart don Chogadh.

‘Air an 4mh dhen Lùnastal, 1914, fhuair Prìomh Oifis Riaghlaidh na h-Alba ann an Dùn Èideann teileagram bho Riaghaltas Bhreatainn a bha dìreach ag ràdh “Gluaisibh”. Bha Breatainn air cogadh a ghairm an aghaidh na Gearmailt. Aig meadhan-latha air an 5mh den Lùnastal, 1914, dh’ fhàg buidheann Chinn a' Ghiùthsaich de na Camshronaich Stèisean Rèile a’ bhaile air an slighe a dh’ Inbhir Nis. Cha do thill cuid dhiubh a-riamh.’

-      Eadar-theangachadh bho Cogadh na h-Alba (Scotland’s War)

‘Mus do dh’ fhàg an sgioba Inbhir Nis, bha an naidheachd mu ’n bhuaidh air Bàideanach a ruighinn agus bha sluagh mòr a’ cruinneachadh aig na stèiseanan air an t-slighe son fàilte a chur air an sgioba. Dh’ fhàg an trèana, a bha air a sgeadachadh le riobanan thartain is brataich Chloinn Ic a’ phearsain, Inbhir Nis aig 7.00f. Bha pìobairean a’ cluich aig gach stèisean agus fhuair an sgioba caithreim bhon dòmhlaich de dhaoine a bha airson meal-a-naidheachd a thoirt dhan bhuidhinn de balaich a bha air a bhith a’ riochdachadh iomain mu thuath, a bharrachd air a’ bhaile aca fhèin.’

-      Eadar-theangachadh bho Kingussie and the Caman (1994), le Iain Robastan

Goireasan Eile

Story of Kingussie - The Railway and the Burgh:  storyofkingussie.files.wordpress.com/2014/02/boards_small_part4.pdf 

Comann Rèile na Gàidhealtachd:  www.hrsoc.org.uk/bibliography.html 

The Highland Main Line, Neil T Sinclair (1998)

20

Taigh-òsta Silverfjord

A bharrachd air an Diùc, tha Taigh-òsta Silverfjord, ri taobh an stèisean rèile, air a bhith na àite-tadhailhaich don choimhearsnachd iomain ann an Ceann a' Ghiùthsaich airson iomadh bhliadhna; gu sònraichte airson cruinneachaidhean às deidh geamannan, leis gu bheil an taigh-òsta dìreach suas an rathad bhon Dail. Fhuair an taigh-òsta an t-ainm annasach aige air sgàth Seòras Sellar a thog an taigh-òsta ann an 1901, an toiseach mar thaigh-aoigheachd. Bha Sellar ag obair mar mharsanta uisge-beatha far an robh mòran den mhalairt aige a’ toirt a-steach uisge-beatha gu dùthchannan Lochlannach, mar sin tha ceangal aig an ainm ri na fiòrdan.

21

Talla Bhictòria

Anns na làithean tràtha den spòrs mus do dh’ fhàs an geama nas eagraichte, bha na riaghailtean agus na h-uidheaman-cluiche a chaidh a chleachdadh atharrachadh gu mòr bho àite gu àite. Bha meud an raoin-cluiche eadar-dhealaichte bho sgioba gu sgioba, mar a bha cuideachd am ball a bhathas a’ cleachdadh. Bhiodh seo gu tric a’ toirt buaidh air buil a’ gheama agus ag adhbhrachadh argamaidean eadar na clubaichean. Chaidh aontachadh gu tric air ball aon sgioba a chleachdadh airson a’ chiad leth agus ball an sgioba eile a chleachdadh airson an dàrna fear. Bha seo na phrìomh adhbhar airson a’ gheama a bhith air a dhèanamh nas eagraichte, leis gu robh an spòrs ag atharrachadh bho gheama dùthchail, gu geamannan eadar-chluba nas fharpaiseach.

Tha buinteanas làidir aig sgìre Bhàideanach le eachdraidh agus an toiseach-tòiseachaidh iomain leasaichte agus tha an sgìre air pàirt chudromach a chluich cuideachd mar a bha an spòrs a’ tighinn air adhart. Gus an spòrs a leasachadh agus gus dèanamh cinnteach gum maireadh am geama, bha mòran ann am fàbhar iomain a bhith na spòrs nas eagraichte. Bha seo leis an dòchas gum biodh an spòrs nas co-ionannaiche agus cothromach agus a’ cuidicheadh ​​a’ gheama gus soirbheachadh. Mar thoradh air an seo, chruinnich trithead ’s a ceithir sgiobaidhean bho air feadh na h-Alba ann an Talla Bhioctoria, Ceann a' Ghiùthsaich, air an 10mh dhen Dàmhair 1893, agus aig a’ choinneamh seo chaidh Comann na Camanachd a stèidheachadh.

‘Bha an taobh sòisealta de dh’ iomain glè chudromach, mar a tha e fhathast, ach bha na geamannan camanachd a’ tionndadh nam farpaisean spòrs barrachd is barrachd, seach a bhith mar amannan sòisealta. An àite tachartas far am faodadh fir a’ bhaile uile a bhith a’ gabhail pàirt, b’ e spòrs luchd-amhairc a bh’ anns na geamannan farpaiseach, air an cluich leis na fir a b’ fheàrr sa choimhearsnachd. Mar a bha saoghal na camanachd a’ sìor fhàs farpaiseach aig deireadh na 19mh linn, thàinig soirbheachas ann an iomain gu bhith na phàirt glè chudromach de ’n inbhe a bh’ aig coimhearsnachdan.'

-      Eadar-theangachadh bho The Boys of the Eilan: Shinty in Newtonmore, 1820-1945, le Ròs-Muire MacGileabairt

Goireasan Eile

Comann na Camanachd:  www.shinty.com 

22

Dòmhnall Phàil - Bard Chinn a' Ghiùthsaich

Bha toiseach an naoidheamh linn deug na àm de dhroch chruadal do choimhearsnachdan dùthchail air feadh a’ Ghàidhealtachd air sgàth adhbharan leithid gort, dìth obrach, Ìsleachadh san eaconamaidh agus atharrachaidhean ann an reachdas co-cheangailte ri fearainn. Dh' adhbhraich seo ùine de dh’ eilthireachd fad is farsaing, le lùghdachadh mòra ann an àireamhan-sluaigh ann an cuid de choimhearsnachdan dùthchail air feadh na Gàidhealtachd. Bha buaidh mhòr aig seo air iomain cuideachd, far an robh e gu math doirbh sgiobaidhean a thogail san ùine seo.

Dh’ fhàg àireamh mhòr den t-sluagh Ceann a' Ghiùthsaich ann an 1838, air bòrd a’ bhàta St George, a’ dèanamh air Astràilia. Tha seo air a ghlacadh anns an òran ainmeil Gàidhlig, Guma Slàn do na Fearaibh, le Dòmhnall Caimbeul no Dòmhnall Phàil, Bàrd Chinn a' Ghiùthsaich; mar a bha e aithnichte gu h-ionadail. Tha an leac-uaighe aig Dòmhnall Phàil, a chaidh ùrachadh o chionn ghoirid, anns an t-seann chladh air cùl prìomh shràid Chinn a' Ghiùthsaich.

Dòmhnall Caimbeul (Dòmhnall Phàil Òg)

Bha sgrìobhadair aig Comann Camanachd Chinn a' Ghiùthsaich air an robh Dòmhnall Caimbeul cuideachd - mac a’ bhàird ainmeil Dòmhnall Phàil -  a bha na phrìomh charactar ann an coimhearsnachd iomain Chinn a' Ghiùthsaich. Bha saoghal gu math inntinneach agus eadar-dhealaichte aig Dòmhnall agus bha e cuideachd na sgrìobhadair comasach e fhèin. Ged a bha na làithean-cluiche aige seachad, bha Dòmhnall na chaiptean ’s na làithean tràithe dhen sgioba, agus ghluais an dreuchd sin mar sgiobair air an raon-cluiche chun òsdair ionadail Seumas Pullar. Bha Dòmhnall na charactar iongantach an Ceann a' Ghiùthsaich, fileanta an Gàidhlig agus le feusaig mhòr mhì-rianail air.

23

Taigh Baile a' Bhile

Suidhichte ann am paraiste Albhaidh, tha Taigh Baile a' Bhile na taigh-mór neoclasaigeachl bhon 18mh linn a chaidh a dhealbhadh leis an ailtire ainmeil Raibeart Adam. Bha an taigh mòr uaireigin na dhachaigh don sgeulaiche ainmeil Albannach Seumas ‘Ossian’ Mac a’ phearsain a choisinn cliù tro bhith ag ùrachadh no eadar-theangachadh nan Sgeulachdan Oiseanach agus nas fhaide air adhart bha e cuideachd an sàs ann am poileataigs. Tha an taigh air a thogail air an làrach far an robh Caisteal Ratites roimhe agus faisg air seann Taigh Belleville. Rugadh ‘Ossian’ Mac a’ phearsain ann an Ruadhainn faisg air làimh agus, beagan bhliadhnaichean às deidh sin, thill e gu Bàideanach a-rithist gus teagasg anns an sgoil ionadail às deidh a chuid ùine sa cholaiste. A thaobh iomain, b’e Taigh Baile a' Bhile uaireigin far an deach coinneamhan Chomann na Camanachd a chumail.

24

Dunbarry

Tha a’ phàirce aig Dunbarry air a chleachdadh bho àm gu àm airson mòran spòrs, le iomain nam measg. Seo cuideachd far an do chluich Comann Camanachd Chinn a' Ghiùthsaich na ràithean 1991-92 agus ’92-93, nuair a bha an Dail ga ùrachadh. Tha e cuideachd a’ toirt a-steach deagh seallaidhean den t-sealladh-tìre mun cuairt!

Suidhichte eadar an Dail agus meadhan a’ bhaile, tha Stansa a’ Mhargaidh na raon-cluiche eile, fo shealbh na comhairle, a bhios gu tric air a chleachdadh airson iomain agus iomadh spòrsan eile, a bharrachd air diofar thachartasan ionadail. Tha ainm an raon-cluiche a’ tighinn bhon sgìre far a bheil margaidhean chruidh is chaorach gu tric gan cumail, san àm a dh' fhalbh agus san latha an-diugh.

25

Raon-goilf Chinn a' Ghiùthsaich

A bharrachd air iomain, stèidhich mòran chlubaichean agus buidhnean spòrs iad fhèin aig deireadh an 19mh agus toiseach an 20mh linn taobh a-staigh ùine goirid. Chaidh Comann Camanachd Chinn a' Ghiùthsaich a stèidheachadh ann an 1890, leis a’ Chlub Goilf stèidhichte an ath bhliadhna. Tha càirdeas fad-ùine eadar an dà chluba spòrs, far an robh mòran de chluicheadairean iomain ionadail cuideachd nan goilfearan sgileil.

Tha Raon-goilf Chinn a' Ghiùthsaich suidhichte faisg air meadhan a’ bhaile ann an sgìre ris an canar Gleann Gòineig, a tha cudromach gu h-eachdraidheil leis gun robh e uaireigin na sheann bhaile-fearainn; chì thu cuid dheth fhathast an-diugh, le bothan cìobair faisg air an 6mh toll. Tha an taigh-club, a chaidh a thogail ann an 1911, cuideachd na dheagh eisimpleir de phàillean goilf air a thogail tràth san 20mh linn, fhathast leis an taobh a-muigh tùsail. Chaidh a dhealbhadh leis an ailtire ionadail Alastair MacChoinnich, a dhealbhaich am pàillean ann am Baile nan Granndach cuideachd.

Goireasan Eile

Club Goilf Ceann a' Ghiùthsaich:  kingussiegolfclub.co.uk 

26

Dail Mhór Chinn a' Ghiùthsaich

Tha an Dail a’ sàmhlachadh iomain ann an Ceann a' Ghiùthsaich, far an deachaidh an geama as tràithe a tha air a chlàradh an seo a chluich ann an 1866 mar phàirt de gheama traidiseanta Latha na Bliadhn’ Ùire. Tha am facal Beurla ‘Dell’ a’ tighinn bhon fhacal Gàidhlig Dail, a bhios tric a’ nochdadh a thaobh ainmean-àite, agus a tha toirt iomradh air achadh faisg air an uisge a tha gu tric fo thuil. Tha an Dail suidhichte air raon-tuile a tha a’ sìneadh bho Cheann na Creige gu Ceann a' Ghiùthsaich.Tha an raon-cluiche sònraichte seach gu bheil tuil gu tric ag èirigh agus a’ tuiteam air a’ phàirc, ach tha geamannan fhathast a’ tachairt an seo; chan eil mòran raointean spòrs ann a dh’ fhaodadh dèiligeadh le aimsir cho caochlaideach ri seo. Tha mòran den bheachd gur e an Dail an raon-cluiche as fheàrr san dùthaich, ged a tha e coltach gum biodh an t-urram seo connspaideach ann an mòran choimhearsnachdan iomain eile

27

Comann Camanachd Cheann a' Ghiùthsaich

Tha an Dail na dhachaigh do Chomann Camanachd Cheann a' Ghiùthsaich, a chaidh a stèidheachadh ann an 1890. Tro eachdraidh an sgioba, tha Ceann a' Ghiùthsaich air mòran de na prìomh dhuaisean san spòrs a bhuinnig. ’S e Cupa na Camanachd a’ phrìomh dhuais ’s an spòrs agus chaidh a’ chiad cho-fharpais son Cupa na Camanachd a-riamh a chumail aig Pàirc Needlefield, Inbhir Nis, ann an 1896, far an do rinn Ceann a' Ghiùthsaich a’ chùis air Còmhghall Ghlaschu 2-0 gus an duais a thogail. Choisinn Ceann a' Ghiùthsaich Cupa na Camanachd ann an 1921 agus 1961, ach bha na bliadhnaichean eadar seo sàmhach airson a’ Chlub a thaobh dhuaisean.

Bha Ceann a' Ghiùthsaich cuideachd am measg nam ball-stèidheachaidh aig Comann nan Camanachd, buidheann-riaghlaidh an spòrs. Chaidh a stèidheachadh ann an 1893 dìreach suas an rathad bhon Dail fhèin ann an Talla Bhictòria, Ceann a' Ghiùthsaich, a tha a-nis phàirt dhen Ionad Bhàideanach. A bharrachd air farpaisean cupa, tha Comann Camanachd Chinn a' Ghiùthsaich air a bhith air leth soirbheachail anns an Lìog, às deidh dhaibh an cho-fharpais a bhuannachadh barrachd thursan na sgioba sam bith eile. Choilean Ceann a' Ghiùthsaich cuideachd ruith iongantach de cheithir bliadhna gun geam a chall; naochad ’s a còig geam, thar farpaisean an lìog agus gach cupa.

Goireasan Eile

Comann Camanachd Cheann a' Ghiùthsaich:  www.kingussieshinty.com 

Kingussie and the Caman (1994) - John Robertson 

28

Druim a' Ghiuthais

Tha Druim a' Ghiuthais mar aon de lìonra bhailtean beaga, no clachain, taobh a-staigh trì no ceithir mìle bho Cheann a' Ghiùthsaich. A’ coiseachd bho bhaile Innis, bha an t-seann rathad na phàirt de Rathad nam Mèirleach a thug dòigh air rathaidean an Riaghaltais a sheachnadh. Faodar an slighe seo a leantainn bho Ghleann Truim, tro Bhàideanach agus an Gleann Mòr, ’s a-steach gu Obar Neithich. Às deidh nan taighean tuathanais agus na togalaichean ann an Inbhir Dhubhghlais, chithear buidheann de croitean eile; is e seo Druim a' Ghiuthais. Tha am baile suidhichte air crois-rathaid Rathad nam Mèirleach agus an rathad gu Gleann Féisidh.

A thaobh iomain, bha sgiobaidhean Albhaidh, Innis, Druim a' Ghiuthais agus Inbhir Fhéisidh gu ìre mhòr co-mhalairteach agus a’ tarraing chluicheadairean bho na h-oighreachdan ionadail. Mar sin, bhiodh gach sgioba an eisimeil an luchd-obrach a bhith rim faighinn. Chaidh iomain a chluich anns a h-uile fear de na coimhearsnachdan seo fada mus deach an geam a leasachadh ann an 1893. Ach, tha e coltach gur e Druim a' Ghiuthais fear de na sgiobaidhean as “ùr-nodha”, oir chaidh a stèidheachadh ann an 1922 agus bha na bliadhnaichean as fheàrr aca dìreach às deidh sin. Bhuannaich iad farpais sianar-gach-taobh ann an 1927 ach an uairsin bhuail iad amannan cruaidh agus cha deach an ath-chruthachadh gus às deidh an Dàrna Cogadh.

Mar thoradh air cho cugallachadh ’s bha na coimhearsnachdan croitearachd taobh a-muigh Bail’ Ùr an t-Sléibhe agus Ceann a' Ghiùthsaich bha aig na sgiobaidhean bho na diofar bailtean beaga seo ri tighinn còmhla bho àm gu àm. Tha iad a-nis a tighinn-beò mar Chomann Camanachd Chinn na Creige a tha fhathast dìleas a thaobh a bhith a togail sgioba, ged a bhios iad gu cunbhalach a’ call chluicheadairean gu na sgiobaidhean nas làidire suas an rathad.

- An t-Oll Ùisdean MacIllInnein

‘Ged a chaill iad geamannan càirdeil an aghaidh Ceann na Creige, Ceann a' Ghiùthsaich agus Baile Ùr an t-Sléibh’, bha grunn chluicheadairean le comas sònraichte anns a’ chlub ùr agus bhathar den bheachd le barrachd practas gun dèanadh iad gu math… B’ e iomain an aon chuspair còmhraidh sa bhaile: Bhiodh còmhraidhean dlùth-chaidreach a’ tachairt gach oidhche cha mhòr anns a h-uile taigh. Nach cumhachdach an sgioba a th’ann an sgìre Dhruimguis? Mura tog iad cupa air an t-seusan seo, tha iad airidh air.’

-      Eadar-theangachadh bho The Caman is their Pastime from the Cradle to their Graves: Shinty in Badenoch & Strathspey 1747 – 1939, le Ròs-Muire MacGileabairt

29

Ceann na Creige

Aig aon àm bha iomain ga chluich air feadh Bhàideanach, far an robh sgiobaidhean aig mòran de na bailtean beaga tron sgìre. Tro eachdraidh tha mòran de na sgiobaidhean seo air sgaoileadh, gu tric a’ tilleadh fo dhiofar ainmean no a’ tighinn còmhla le clubaichean eile faisg air làimh airson àireamhan a thogail. Bha mòran de na factaran sòisealta a thug buaidh air iomain thar nam bliadhnaichean, leithid fàsachadh agus an dà Chogadh Mhòr, nam buillean troma dha na coimhearsnachdan dùthchail seo.

Mar seo, tha mean-fhàs an spòrs anns na bailtean beaga seo mar shàmhla air na h-atharrachaidhean a bha a’ tachairt anns na coimhearsnachdan tro eachdraidh. Gu tric bha e duilich sgioba a thogail anns na sgìrean seo, gu h-àraidh airson farpaisean. Is e seo as coireach gu bheil eachdraidh nan sgiobaidhean seo a’ nochdadh an-dràsta 's a-rithist tro na bliadhnaichean. Tha càirdeas fad-ùine agus cudromach aig Comann Camanachd Chinn na Creige le dualchais iomain Bàideanach, far a bheil an spòrs a’ soirbheachadh a-rithist tro ​​sgioba òg a tha a’ riochdachadh a’ bhaile.

30

Albhaidh agus Innis

Tro eachdraidh an spòrs, bha mòran sgiobaidhean iomain stèidhichte mun cuairt air na bailtean ùra, Ceann a' Ghiùthsaich agus Bail’ Ùr an t-Sléibhe. Air feadh Alba tha mòran sgiobaidhean iomain a’ gabhail an ainm aca bhon sgìre no paraiste anns a bheil iad suidhichte, a’ tarraing dhaoine cuideachd bho sgìre nas motha far a bheil an àireamh-sluaigh nas lugha. Tha an aon rud fìor mu sgiobaidhean eachdraidheil ann am Bàideanach a bhiodh tric a’ buntainn ris na h-oighreachdan, far an robh daoine san sgìre a’ fuireach ’s ag obair. Nuair nach robh iad ag obair, thòisich muinntir an àite sgiobaidhean iomain cuideachd, gus an t-seann cur-seachad seo a chumail a' dol. A bharrachd air seo, bha mòran uachdarain nan taic don gheama, a’ cur air gheamannan airson sluagh na sgìre no an luchd-obrach aca, gu h-àraidh aig àm na bliadhn’ ùire.

Tha an eachdraidh aig mòran de na sgiobaidhean san raon seo de Bhàideanach ceangailte gu làidir agus, a bharrachd air a bhith a’ cluich an aghaidh a chèile, bhiodh iad gu tric a’ tighinn còmhla gus sgiobaidhean a thogail. Mar eisimpleir, b’ e sgiobaidhean fa-leth a bh’ ann Albhaidh agus Innis a thàinig còmhla airson ùine bheag air sgàth gun robh an àireamh-sluaigh ’s an sgìre cho ìosal. Tràth san 20mh linn, bha Albhaidh agus Innis air an ainmeachadh mar Inbhir Fhéisidh mustàinig ath-leasachadh air Ceann na Creige ann am bliadhnaichean an dèidh sin. Bha buaidh mhòr aig sgiobaidhean iomain Albhaidh agus Innis taobh a-staigh choimhearsnachd iomain Bàideanach agus bha iad am measg nan trithead ’s a dhà sgiobaidhean a bha an làthair nuair a chaidh Comann na Camanachd a stèidheachadh ann an Talla Bhictòria, Ceann a' Ghiùthsaich, 1893.

Cuimhneachain Iomain Bhàideanach 

Tha Taigh-tasgaidh Dhùthchail na Gàidhealtachd an-dràsta ag obair ann an com-pàirteachas le Buidheann Cuimhneachain Iomain Bhàideanach air pròiseact co-obrachail a tha ag amas air goireas farsaing a chruthachadh dhan choimhearsnachd ionadail. Tha an spòrs aig cridhe choimhearsnachdan ann am Bàideanach, san àm dh’ fhalbh agus san latha an-duigh, agus tha iomadh seann ghnothach eachdraidheil ’s stuth-tasgaidh anns an tasglann a tha ag innse sgeulachd na camanachd.

Sheila Fhriseal agus Hilda Saunders aig seisean Cuimhneachain Iomain Bhàideanach, An t-Samhain 2019 - Dealbh: Buidheann Cuimhneachain Iomain Bhàideanach

Tha Buidheann Cuimhneachain Iomain Bhàideanach na buidheann choimhearsnachd a tha a' cleachdadh dhealbhan-camara agus seann nithean eachdraidheil mar innealan cuimhneachain airson ceangal le muinntir an àite tron ùidh aca ann an camanachd. The seo a’ toirt a-steach feadhainn a tha a’ tighinn-beò le seargadh-inntinn no duilgheadasan eile le slàinte na h-inntinn, agus an fheadhainn a tha a’ fulang tro aonaranachd. Faodar cuimhneachain agus còmhraidhean ùra a thòiseachadh le bhith a’ togail air a’ mheas a th’ aig daoine dhan gheam agus an luach a ha iad a’ cur ann.

Tha Helen Pickles air a fastadh mar Oifigear Pròiseict airson a’ phròiseict Cuimhneachain Iomain agus Cultar Dùthchasach, agus tha i a’ sgrùdadh, clàradh agus a’ cur stuth ann an riochd didsiteach bhon chruinneachadh iomain. Chaidh am pròiseact, a tha a’ ruith chun Fhaoilleach 2021, a mhaoineachadh le Taighean-tasgaidh is Gailearaidhean na h-Alba, agus Life Change Trust, a tha maoinaichte le Maoin Coimhearsnachd a’ Chrannchuir Nàiseanta. 

Lean Cuimhneachain Iomain Bhàideanach air Facebook:  www.facebook.com/BadenochShintyMemories/ 

Gus clàradh airson cuairt-litir Cuimhneachain Iomain Bhàideanach, cuir post-dealain gu: badenochshintymemories@gmail.com

Faigh a-mach tuilleadh mu Cuimhneachain Iomain na h-Alba:  www.facebook.com/Shintymemoriesscotland 

Comann Camanachd Bhoireannaich Bhàideanach

Chaidh Comann Camanachd Bhoireannaich Bhàideanach a stèidheachadh mar chluba iomain ann an 2008 agus tha e air a dhol air adhart gu bhith mar aon de na sgiobaidhean as fheàrr san dùthaich, a’ farpais gu cunbhalach airson prìomh urraman. Tha an cluba air tighinn air adhart gu mòr thar ùine ghoirid agus tha e air mòran cluicheadairean eadar-nàiseanta a thoirt do Sgioba Boireannaich na h-Alba. Chaidh an cluba a-steach don Roinn Nàiseanta ann an 2010 agus choilean iad gu math ged a chrìochnaich iad anns a’ cheathramh àite a-mach à na ceithir sgiobaidhean.

Anns na ràithean o chionn ghoirid ge-tà, tha buaidh mòr air a bhith aig Comann Bhàideanach agus Comann An Eilein Sgitheanaich air geama nam ban, far a bheil iad a’ strì an aghaidh a’ chèile son a’ mhòr-chuid de na prìomh urraman, mar na cuairtean deireannach a tha air an sealltainn beò air telebhisean. Tha Bàideanach air Cupa Camanachd Valerie Fhriseal a bhuannachadh dà uair agus Farpais an Lìog Nàiseanta cuideachd a bhuannachadh bho chionn ghoirid. 

Badenoch Ladies Shinty Team after winning the 2018 Valerie Fraser Camanachd Cup Final.

Comann Camanachd Bhoireannaich Bhàideanach, buannaichean dhen Cupa Camanachd Valerie Fhriseal 2019 – Dealbh: John Robertson

Ann an 2013 bhuannaich iad 3-1 an aghaidh Comann Camanachd Mheadhain Earra Ghàidheil an Glaschu airson Cupa Valerie Fhriseal a thogail, agus chaidh aca air a bhuannachadh a-rithist ann an 2018 le buaidh 4-1 an-aghaidh an Eilein Sgitheanaich.

Tha neart cluiche aig an sgioba timcheall air fichead 's a chòig cluicheadair, a’ tarraing bho sgìre Bhàideanach air fad; bidh mòran de na cluicheadairean cuideachd a’ siubhal astaran fada airson trèanadh agus airson geamannan. Tha cuid den sgioba air tighinn tro na h-ìrean a’ riochdachadh a’ bhun-sgoil ionadail aca agus sgioba iomain Àrd-sgoil Chinn a' Ghiùthsaich; tha feadhainn dhiubh cuideachd air cluich airson na dàrna sgiobaidhean aig na clubaichean aca.

Bidh an sgioba a’ cleachdadh an Dail ann an Ceann a' Ghiùthsaich agus An t-Eilean aig Bail’ Ùr an t-Sléibhe airson trèanadh, ach tha a’ mhòr-chuid de na geamannan farpaiseach aca air an cluich aig an Dail. Tha athraichean no bràithrean aig grunn de na cluicheadairean a tha air sgiobaidhean nam fear aig nan clubaichean aca fhèin a riochdachadh. Tha mòran de na cluicheadairean cuideachd gu mòr an sàs ann an iomairt coimhearsnachd ionadail ris an canar OneKingussie. Is e prìomh amas an iomairt seo a bhith a lìbhrigeadh biadh agus òrdughan-cungaidh do daoine so-leònte sa choimhearsnachd a tha a’ fuireach a-staigh fo bhuaidh COVID-19.

-      Dr Hugh Dan MacLennan

Credits

Le taing do  Bhòrd na Gàidhlig  airson an taic-maoineachaidh! Agus cuideachd le taing mhòr gu…

Alastair MacLeod

Kincraig Shinty Club and Badenoch  Shinty Memories Group 

Badenoch Shinty Memories Group

Bruce Macpherson

The Clan Macpherson Museum

Campbell Slimon

Laggan Heritage Group

Craig Dawson

Kincraig Shinty Club

Donnie Grant

Kingussie Camanachd Club and  Badenoch Shinty Memories Group 

Ewen Kinninment

Loch Lomond & The Trossachs National Park Authority

Fraser Coyle

The Balavil Hotel

Helen Pickles

High Life Highland, Highland Folk Museum and Badenoch Shinty Memories Group

Dr Hugh Dan MacLennan

Shinty Historian and Broadcaster,  Badenoch Shinty Memories Group

Jamie Gaukroger

High Life Highland, Am Baile

John Mackenzie

Newtonmore Camanachd Club and  Badenoch Shinty Memories Group 

John Robertson

Kingussie Camanachd Club 

Rachel Chisholm

High Life Highland, Highland Folk  Museum

Dealbh de iomain tràth agus caman Bàideanach – Dealbh: The Book of the Society of the True Gael (1881)

Gèam Iomain – Dealbh: Penny Magazine (1935)

Sheila Fhriseal agus Hilda Saunders aig seisean Cuimhneachain Iomain Bhàideanach, An t-Samhain 2019 - Dealbh: Buidheann Cuimhneachain Iomain Bhàideanach

Comann Camanachd Bhoireannaich Bhàideanach, buannaichean dhen Cupa Camanachd Valerie Fhriseal 2019 – Dealbh: John Robertson